|
- Capercaillie Breisleach 歌詞
- Capercaillie
- Chaidh mi'n dè dhan choille Challtainn
Shireadh chnòthan airson biadh Ach 'se bh'air a h-uile geug ach D'aodann-sa gam thriall Chaidh mi'n dè gu tràigh a' mhaoraich Lòn de choilleagan a bhuain Nochd a h-uile slige neamhnaid D'àilleachd-sa a-luaidh Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda Son do sgiùrsadh as mo cheann H-uile glainne thog mi thaom do Mhaiseachd aist' na deann Chlaon mi tràth a-raoir dham leabaidh Thusa ruagadh as le suain Ach cha tug thu cead dhomh cadal Gus an dèanainn duan Dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh Ach gu bheil sinn roinnt' o chèil' Do chumadh bhith an àit' do shamhla Agam bhios an fhèill Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach Bòdhradh chàirdean le do chliù Nuair a thig thu chì iad nach eil Mearachd ann am fhiù Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth Famh is iolair' anns an ruidhl' Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir Mireadh mu an sùil Chì iad mis' is thusa sùgradh Bil ri bil ar n-anail aoint' Cniadachadh mar seo gu sìor le Chéile b' e ar maoin
|
|
|